Episodes
MND
Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.
Published 04/03/23
Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.
Published 03/17/23
Annabel Nic ‘Illinnein a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain a tha air a bhith ann an Estòinia airson Eòrpa is e a' coimhead ri mar a tha an Ruis is dìleab linn nan comannach fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.
Published 03/16/23
150 bliadhna bho dh'fhosgail Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air sgeulachd nam bràithrean a stèidhich an sgoil.
Published 03/15/23
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Andreas Wolff mu phrògram a rinn e airson Eòrpa mu Albàinianaich a tha air feuchainn ri slighe a dhèanamh a Bhreatainn gu mì-laghail air bàtaichean beaga.
Published 03/09/23
Màiri Riddoch a' bruidhinn ris an Oll Kay NicLeòid bho Oilthigh Chicago is Là Aillse na Cruinne ann Disathairne.
Published 02/03/23
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Eilidh NicÌomhair air mar chaidh laghan air casg-breith a theannachadh sa Phòlainn, is i air tadhal air an dùthaich airson a' phrògraim Eòrpa.
Published 12/19/22
Màiri Riddoch ann an còmhradh ri Kirsteen NicIlleChiar mu bhuaidh staing Covid-19 air cloinn is an taic a th' ann dhaibh.
Published 12/16/22
Shona NicDhòmhnaill ann an còmhradh ri Tormod MacAsgaill bho Stòras Uibhist mu na prìomhachasan is dùbhlain a tha ron bhuidhinn.
Published 12/06/22
Bu chòir barrachd a dhèanamh den cheangal eadar Flòraidh NicDhòmhnaill, bana-ghaisgeach nan Seumasach, agus Uibhist. Sin a rèir fhir a tha càirdeach rithe is a tha air a bhith a' rannsachadh a beatha. Tha 300 bliadhna bho rugadh Flòraidh. Tha ceist air Tòmas MacDhòmhnaill ge-tà, mu dè cho faisg air an fhìrinn 's tha cuid de na tha sgrìobhte mu deidhinn. Bhruidhinn Shona NicDhòmhnaill ris.
Published 10/26/22
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt, tha Taghta a' coimhead ri dualchas na Gàidhlig san sgìre mun cuairt.
Published 10/21/22
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, air thoiseach air Mòd Pheairt.
Published 10/14/22
An t-Urr. Iain Urchadain ag innse do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu chothrom a bh' aige deireadh-seachdain a chur seachad còmhla ris a' Bhanrigh nach maireann is buill eile den Teaghlach Rìoghail aig Baile Mhorail bho chionn grunn bhliadhnaichean.
Published 09/13/22
Bha clach-mhìle mhòr an Uibhist a Deas agus an an t-ionad culturail, Cnoc Soilleir, ga fhosgladh gu h-oifigeil. Tha Shona NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais, mun t-slighe fhada chun na h-ìre seo, is dè tha romhpa leis a’ phròiseict a-nise.
Published 09/06/22
Magaidh NicFhionghain a' bruidhinn ri Màiri Kidd mu Iseabail Gowdie is taisbeanadh ùr mu beatha air fosgladh ann an Inbhir Narann, is còmhradh cuideachd mu bhoireannaich eile a chaidh a chur gu bàs fo chasaid gun robh iad nam bhana-bhuidsichean.
Published 09/01/22
A' bhuaidh a tha dìth fiosrachaidh is tuigse air gnothaichean slàinte a' toirt air beatha mòran bhoireannach
Published 08/05/22
Tha Aonghas Dòmnullach a' beachdachadh air eachdraidh gàrradh-ola Àranais agus a' bhuaidh a bh' aige air Leòdhas.
Published 08/04/22
Shona NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Shona Masson bho Cheòlas mu dhachaigh ùr na buidhne ann an Cnoc Soilleir
Published 07/13/22
Tha Anndra MacFhionghain a' beachdachadh air a' bhuaidh a tha gnìomhachas an fhasain a' toirt air an àrainneachd.
Published 07/02/22
Agallamhan le triùir eòlaichean mu na tha a dhìth gus Gàidhlig a neartachadh aig ìre na dachaigh
Published 06/17/22
Beachdan air Cogadh nan Eileanan Faclanach is 40 bliadhna bho thàinig e gu ceann.
Published 06/16/22
Fhad 's a bha Iùbailidh na Banrìgh a' dol, bha iad a' comharrachadh clach-mhìle shònraichte eile am Barraigh is Peigi Haggarty à Borgh 100 bliadhna a dh'aois.
Published 06/14/22
Agallamh le Aonghas Lambkin mun obair aige mar neach-cobhair leis na Dùthchannan Aonaichte an Afganastan, far an robh e ann an conaltradh gu cunbhalach leis na Taliban.
Published 05/24/22
An tè-naidheachd Eileen NicDhòmhnaill air turas rathaid tro chuid de sgìrean na Gàidhealtachd air thoiseach air an taghadh ionadail sa Chèitean.
Published 04/28/22
Eilidh NicLeòid a‘ cuimhneachadh air Mòr NicLeòid, Mòr Bhrù.
Published 04/12/22