Episodes
Sgioba Eòrpa a' coimhead ri mèinnearachd liteam le sùil air coimhearsnachdan am Portugal is Czechia far a bheil e an ìmpis tòiseachadh.
Published 09/26/24
Tha Sgioba Eòrpa a' deasbad suidheachadh na Gàidhlig às dèidh do dh'àireamhan a' chunntais-shluaigh tighinn a-mach nas tràithe am-bliadhna.
Published 08/29/24
Darren Laing a' còmhradh ri Ailean Peutan is Iain MacDiarmaid is connspaid anns na Canàraich mu bhuaidh turasachd air an àite.
Published 06/28/24
Anndra MacFhionghain a’ bruidhinn ri Niall O’Gallagher agus Mìcheal MacNèill is cola-deug ann gu là an taghaidh.
Published 06/20/24
Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri Darren Linc agus Mìcheal MacNèill mun Taghadh 2024.
Published 06/14/24
Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri sgioba phoilitigeach BBC Naidheachdan is iomairt an taghaidh air tòiseachadh.
Published 06/07/24
San t-Sultain, theich còrr is 100,000 neach à Nagorno-Karabakh - cha mhòr a' falamhachadh na sgìre. Tha sgioba Eòrpa air a bhith a' bruidhinn ri cuid de na fògarraich sin gus na cunntasan pearsanta aca fhaighinn. Sa phodcast seo tha an sgioba a' bruidhinn mun sgeulachd is a' togail air na cunntasan sin.
Published 05/30/24
Dòmhnall Moireasdan le sùil air cunntas-sluaigh 2022 is dealbh measgaichte airson na Gàidhlig.
Published 05/29/24
Eadar an 1970n agus na 1990n chaidh 30,000 duine a ghannrachadh le Hepatitis C agus HIV an dèidh dhaibh stuthan fala fhaighinn bhon NHS. Cho-dhùin rannsachadh poblach, a mhair sia bliadhna, gun deach am fàiligeadh uair an dèidh uair le dotairean, an NHS agus riaghaltasan. Dhearbh Riaghaltas Westminster gun tèid sgeama airgead dìolaidh a chur an sàs agus gum faigh feadhainn a' chiad chuibhreann dheth as t-samhradh. Beagan uairean a thìde an dèidh do bhuil an rannsachaidh a bhith air...
Published 05/23/24
San dàrna podcast a’ comharrachadh 200 bliadhna den RNLI tha Shona NicDhòmhnaill còmhradh ri triùir aig a bheil dlùth-cheangal ri sgioba bhàta-teasairginn Bharraigh.
Published 05/20/24
Leis an RNLI a’ comharrachadh 200 bliadhna tha Dòmhnall Moireasdan a’ còmhradh ri feadhainn a bha agus a tha an sàs ann an sgioba bhàta-teasairginn an t-Òib.
Published 05/20/24
Tha Anndra MacFhionghain a' toirt sùil air mar a tha Humza Yousaf air a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear fhàgail
Published 04/30/24
Tha Taghta a' cluinntinn bho Chathleen NicLeòid a tha an-dràsta anns na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh, is i ag innse mar a thug an suidheachadh cruth-atharrachadh air a beatha.
Published 04/02/24
Còmhradh leis an Oll Boyd Robasdan is figearan ùra air sealltainn nach robh àrdachadh idir san àireimh de thidsearan am FtMG sna bun-sgoiltean an-uiridh.
Published 03/29/24
Tha Shona NicDhòmhnaill a' cluinntinn sgeulachd chumhachdach Anne, banntrach Bill Quarm, a chaidh a dhìteadh gu ceàrr an lùib sgainneal IT Horizon.
Published 01/12/24
Agallamh leis an Dtr Petra Johana Poncarová, ùghdar a' chiad làn-leabhar rannsachaidh mu dheidhinn Ruaraidh MacThòmais: 'Derick Thomson and the Gaelic Revival'.
Published 01/12/24
Taghta a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh.
Published 12/05/23
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.
Published 10/27/23
Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.
Published 10/19/23
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.
Published 10/13/23
Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite
Published 09/29/23
Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.
Published 09/22/23
Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.
Published 08/28/23
Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.
Published 06/30/23